Gum meal Anna Gracie Gunn, agus sgioba na buidhne Sonas gu lèir, an naidheachd air fosgladh Taigh-òsta Knipoch (a’ Chnapaich) às ùr, agus gach deagh dhùrachd dhaibh airson soirbheachadh leis!
Tha Sonas air cliù a chosnadh a’ lìbhrigeadh brìgh an ainm anns na trì taighean-òsta aig a’ bhuidheann san Eilean Sgitheanach, agus saoilidh mi gum bi an aon fhàilte chridheil Ghàidhealach na bhun-stèidh san ionad eireachdail seo deas air an Òban. Ged a tha gnìomhachas turasachd anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan aig àirde eadar àm na Càisge is an t-Sultain, ann an cuid de sgìrean tha e air leudachadh beag air bheag dhan mhòr-chuid den bhliadhna. Deagh sgeulachd dhan fheadhainn a tha rin cosnadh ann an obair-aoigheachd, agus gluasad gu sònraichte misneachail dha daoine òga a dh’iarradh beòshlaint a dhèanamh ann an tìrean an àraich. Bidh an fheadhainn a tha a’ siubhal ròidean na Gàidhealtachd eòlach gu leòr air coinneachadh ri carbadan às gach dùthaich Eòrpach fad na bliadhna a-nise agus tha e na adhbhar moite cuideachd mar a tha inbhe agus ìre thaighean-bìdh agus thaighean-òsta a’ dol am meud agus a’ cur ri tarraingeachd nan sgìrean. Tha leithid Sonas a’ nochdadh barrachd lèirsinn air an toradh margaidheachd luachmhor a th’ ann an sàr sheirbheis.
Ach chan eil ìre bun-structair idir a rèir meud agus luach gnìomhachas an turasachd, ged nach biodh ann ach staid thruagh ròidean, dìth phàircean-chàraichean agus ghoireasan poblach iomchaidh. Shaoileadh tu gum biodh e na phrìomh amas aig riaghaltas nàiseanta agus ionadail dèanamh cinnteach gum biodh deasachadh freagarrach mu choinneamh gnìomhachais a tha cho buannachdail. Cha robh sin ann nuair a bha an gnìomhachas a’ fàs, agus le cùisean a-nise aig àrd-ìre agus airgead poblach gann, tha strì aig buidhnean poblach feuchainn ri caochladh dhùbhlain a leasachadh. Tha tomhas de cho-fhaireachadh agam dhan roinn phoblach leis gum bheil i, air gach taobh, a-nise a’ dèiligeadh ri cùisean mar a tha iad a’ tachairt seach a bhith a’ cur innleachdan an gnìomh a chuireas bacadh air trioblaidean. Mar a tha fios againn uile, agus a dh’aindeoin ìre chìsean nach deach fhulang bho chionn còrr air seachdad bliadhna, tha gainne ionmhas poblach a’ ciallachadh nach tig leasachadh air an t-seòrsa suidheachaidh seo a’ chiad ghreis. Aig an aon àm tha turasachd a’ ciallachadh gum bheil cleachdaidhean, agus na h-ìrean seirbheis ris am bi luchd-turais an dùil a’ fàs a rèir ’s na bhios a’ tachairt anns na dùthchannan aca fhèin, agus dh’fhaodadh leithid sin briseadh-dùil adhbharachadh, agus cron a dhèanamh dhan ghnìomhachas an seo.
Tha rudan eile a’ tachairt a dh’fhaodas a bhith nan duilgheadas an seo cuideachd, leithid carbadan a bhios gan stiùireadh fhèin! Ciamar a dh’obraicheas sin air ròidean lùbach, thollach, chumhang na Gàidhealtachd is nan Eilean? Mar a bhiodh dùil ’s dòcha thuirt Ceannard Chomunn Luchd-Togail is Reic Charbadan na Rìoghachd Aonaichte nach urrainn dhan dùthaich seo tuiteam air deireadh leis an “leasachadh” seo, agus gum bheil e deatamach gun tachair adhartas mu 2026 aig a’ char as fhaide!
Best wishes to Anne Gracie Gunn and her Sonas Collection team on the relaunch of the Knipoch House Hotel south of Oban, where guests can look forward to experiencing the superb standards of hospitality for which Sonas’s Skye based hotels are rightly recognised.
As the tourism and hospitality sector in the Highlands and Islands has steadily grown towards becoming a full-year industry, an expanding provision of higher-end standards of service is hugely beneficial to marketing the area as a visitor destination. Quality product for a quality area!
Sadly, however, the infrastructure is not always commensurate, with poor road surfaces, inadequate parking and a lack of public conveniences being common complaints.
Unfortunately, public finance strictures make dramatic improvements unlikely any time soon, and our public sector must continue to struggle reactively to challenges rather than be able to establish preventative strategies. In the longer term this situation could have a negative effect on visitor satisfaction, and numbers.
Scotland’s hospitality sector, like all industries, must keep pace with international trends even if the country might not all be equipped to do so.
The CEO of The Society of Motor Manufacturers and Traders recently stated that the UK must have driverless cars on our roads by 2026 to avoid being “left behind” with this development. I wonder how these will cope on narrow, winding, Highland and Islands single track roads? Will they see sheep, let alone potholes?
Yes! I would like to be sent emails from West Coast Today
I understand that my personal information will not be shared with any third parties, and will only be used to provide me with useful targeted articles as indicated.
I'm also aware that I can un-subscribe at any point either from each email notification or on My Account screen.